Tha pròiseact rannsachaidh ùr a’ dol an-dràsta aig Oilthigh Dhùn Èideann a tha ag amas air goireasan measaidh a chruthachadh a chuidicheas tidsearan agus leasaichean cànain is cainnt (SLTs) ann a bhith a’ tomhas na sgilean cànain aig clann a tha am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG). ’S e bhith a’ cruthachadh goireasan a bheireas taic do chloinn le mi-rianan cànain ann am FTMG amas fad-ùine a’ phròiseact.
Bu chòir cuimhneachadh nach eil a bhith a’ cleachdadh barrachd is aon chànan le do phàiste ag adhbharachadh mi-rianan le cànan is cainnt. Ma ’s e ’s gu bheilear a’ measadh no a’ toirt seachad cobhair do phàiste a tha dà-chànanach, tha e cudromach gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air, agus spèis a thoirt seachad dhan dà chànan. [Read more…]