Ceistean àbhaisteach

cover of Linguistic Society of America "raising bilingual children" leaflet by Sorace & Ladd

Nochd am fiosrachadh gu h-ìosal anns a’ bhileag ‘Raising Bilingual Children’ le Antonella Sorace agus Bob Ladd airson a’ chiad turas anns a’ Chèitean 2004 agus chaidh a fhoillseachadh leis an ‘Linguistic Society of America’. Chaidh a h-ath fhoillseachadh an-seo le cead a’ chomainn. Airson tuilleadh fiosrachadh mu dèidhinn, cuiribh post-d gu ‘The Linguistic Society of America’ aig lsa@lsadc.org no tadhlaibh air an làrach-lìn aca aig http://www.lsadc.org

Sorace, A. agus Ladd, D.R. 2004. Raising bilingual children. Sreath: Frequently Asked Questions, Linguistic Society of America.

CARSON A DH’IARRAINN CLANN DÀ-CHÀNANACH?

Tha iomadh adhbhar ann ach seo an dà as cumanta dhuibh:

      • Tha dà chànan eadar-dhealaichte aig na pàrantan (can, tè le Gàidhlig agus fear le Beurla).
      • Tha an aon chànan aig an dà phàrant ach tha iad a’ fuireach ann an coimhearsnachd far a bheil a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh cànan eile (can, teaghlach Gàidhealach air a’ Ghalldachd).

Anns a’ chiad suidheachadh, ‘s dòcha gum bu toil leis a’ mhàthair agus an t-athair an cànan aca fhèin a bhruidhinn leis a’ chlann. Seo suidheachadh taighe dà-chànanaich. Anns an dàrna suidheachadh, ‘s dòcha gum bu toil leis na pàrantan an cànan aca fhèin a chleachdadh aig an taigh ged a bhios feum aig a’ chlann cuideachd dhèiligeadh ris an t-saoghal taobh a-muigh an taighe. Seo suidheachadh dà-chànanach san fharsaingeachd. ‘S e suidheachadh far a bheil Eadailtis is Beurla againn aig an taigh ann an saoghal Beurla a th’ againn fhìn agus tha cuid de na tha sinn a’ dol a dh’innse dhuibh stèidhichte air ar n-eòlas fhèin le teaghlach dà-chànanach.

Nach bi a’ chlann tro chèile nuair a chluinneas iad dà chànan mun cuairt orra?

Ann am facal, cha bhi. Tha clann glè mhothachail air na diofar modhan-labhairt aig daoine. Fiù ’s nuair a chluinneas iad aon chànan a-mhàin, ionnsaichidh iad gu luath mu na diofar modhan-labhairt a th’ aig fireannaich is boireannaich, an diofar eadar cainnt mhodhail is mhì-mhodhail agus mar sin air adhart. Chan ann ach diofar san dòigh bhruidhinn aig daoine a th’ ann an dà-chànanas don chlann!
Dh’innis luchd an fhoghlaim air feadh Aimeireaga a Tuath dha na pàrantan a bha a’ tighinn dhan dùthaich gum biodh e na b’ fhearr dhan chlann aca mura bruidhneadh iad aig an taigh ach Beurla. Bha cuid dhen luchd-rannsachaidh a’ creidsinn gun robh clann aig an robh dà chànan mun cuairt orra sna tràth bhliadhnaichean aig ana-cothrom. Tha rannsachadh nas ùire a’ sealltainn nach eil seo fìor agus gum faod buannachdan a tighinn à dà-chànanachas (a bharrachd air fileantachd ann an dà chànan), mar smaoineachadh nas sùbailte. Cha robh an ana-cothrom a lorg an rannsachadh tràth sin ach ana-cothrom eaconamach, co-cheangailte ri beatha cruaidh nan inimriche, a thàinig dhan dùthaich.
Tha dà-chànanachas uaireannan ag adhbharachadh ann an adhartas cànain a tha beagan nas slaodaiche na clann aon-chànanach. Bhiodh am mac as sine againne fhathast ag ràdh rudan coltach ri, ‘Where you are?’ seach ‘Where are you?’ sa Bheurla aig aois ceithir gu leth. ‘S e ceum nàdarra a tha seo do chlann aig nach eil ach Beurla cuideachd ach mar is trìce bidh fios aca aig aois trì no ceithir gum bu chòir dhaibh ‘Where are you?’ a ràdh seach ‘Where you are’. Thug am mac as sine againn dìreach greis a bharrachd.

Am bi clann dhà-chànanach a’ measgachadh na cànain aca idir?

Dìreach mar a nì inbhich dà-chànanach, bidh a’ chlann aig a bheil dà chànan a’ cleachdadh faclan bhon chànan eile nuair a bhios iad a’ bruidhinn ri chèile. (‘S e ‘suidseadh còd’ a chanar ri seo). Ach chan eil seo a’ ciallachadh gu bheil iad tro chèile mun chànan a tha iad a’ bruidhinn. Anns an taigh againn le Eadailtis is Beurla, tha torr dhe na faclan mu dhèidhinn ar bìadh ann an Eadailtis agus tha sinn gan cleachdadh fiù ’s nuair a bhios sinn a’ bruidhinn Beurla (agus fiù ’s nuair a bhios faclan Beurla ann). Canaidh sinn ‘pollo’ seach ‘chicken’ agus ‘sugo’ seach ‘sauce’. Ach, nuair a bhios iad a’ bruidhinn ri daoine aig nach eil ach an aon chànan, tha clann dà-chànanach glè fhaiceallach ‘s cha chleachd iad ach an aon chànan freagarrach.

Ma-thà, ciamar a thòisicheas sinn air dà chànan a theagasg do ar clann?

Anns a’ chiad dol a-mach, cuimhnicheamaid nach bi pàrantan ‘a’ teagasg’ cànan dhan chlann, dìreach mar nach bi iad a’ teagasg coiseachd no gàire dhaibh. Tha dà rud chudromach ann: feum agus gu bheil an cànan mun cuairt orra. Ma tha cànan sònraichte mun cuairt air a’ chlann bhon latha a rugadh iad agus air a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh le iomadh duine ga bhruidhinn, agus ma tha iad a’ faireachdainn gu bheil an cànan feumail dhaibh gus dèiligeadh ris an t-saoghal mun cuairt orra, ionnsaichidh iad e. Ma bhios dà chànan mun cuairt orra bhon latha a rugadh iad agus an cleachdadh ann an iomadh suidheachadh le diofar dhaoine, agus ma bhios feum aca air an dà dhiubh gus bruidhinn ris na daoine mun cuairt orra, ionnsaichidh iad an dà dhiubh.

An e an fhìrinn a th’ ann gun ionnsaich ar clann dà chànan leotha fhèin ma chluinneas iad iad bho àm am breith, gun trioblaid sam bith?

Chan e, ach tha clann a’ dèanamh seo gun mòran duilgheadas is cha dèan e cron orra. ’S e am pàirt as duilghe a bhith a’ dèanamh cinnteach gun chluinneas iad gu leòr de gach chànan gu nadurra. Anns a’ mhòr-chuid, bidh aon chànan ‘nas cudromaiche’ airson adhbhar air choireigin. Mar sin, tha e deatamach gun dean sibh cothromanan far an teid am ‘mion-chànan’ a chleachdadh gu nadurra gun chus sparradh. An dòigh as fheàrr seo a dheanamh, ’s e bhith cur a’ chlann ann an suidheachadh far nach teid ach am ‘mion-chànan’ a chleachdadh is an-uairsin cha bhi e feumail dhaibh idir an da chànan a mheasgachadh no a thilleadh dhan chànan ‘nas chudromaiche’.

De tha e a’ ciallachadh nuair a chanas tu gu bheil aon chànan ‘nas cudromaiche’?

Nuair a theid aon chànan chleachdadh nas trice seach cànan eile, nochd am beachd gu bheil aon chànan nas cudromaiche seach an cànan eile. Mar eisimpleir, ma tha aon phàrant ann le Beurla is aon phàrant le Turcach ach gur e Beurla a tha air chleachdadh san taigh. Mothaichidh a’ chlann gu bheil Beurla air a chleachdadh ann an suidheachadh far nach eil Turcach is thig iad gu co-dhùnadh gur e Beurla a tha nas cudromaiche.
Ach ma ghluaiseas an aon teaghlach dhan Tuirc, mothaichidh a’ chlann gu bheil Turcach air a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh far nach eil Beurla agus ’s dòcha gun tig iad gu co-dhùnadh gur e Turcach a tha nas cudromaiche. Tha cuid de chlann gu math mothachail ri seo is bidh iad neo-thoileach am mion-chànan a chleachdadh, gu h-àraidh mur a h-eil clann eile ga chleachdadh. A dh’ aindeoin seo, cha bhi dragh aig cuid eile.
Nuair a bhruidhneas sinn air aon chànan ‘nas chudromaiche’, tha sinn a’ bruidhinn air beachd na cloinne a-mhàin! A dh’ aindeoin seo, tha tòrr inbhich ann aig a bheil da chànan a tha a’ faireachdainn nas ceannasaich ann an aon chànan. Fiu ’s ma tha da chànan gu math coltach air a chèile, tha a’ mhòr-chuid de dà-chànanaich a’ faireachdainn nas comhfhurtail a bhruidhinnn aon chànan seach an cànan eile ann an cuid de suidheachaidhean no airson bhruidhinn air cuspairean sònraichte.

A bheil e nas fheàrr do chlann toiseachadh air an darna chànan as deidh dhaibh tuigse math fhaighinn air a’ chiad chànan?

Gu dearbh, chan eil, gu h-àraidh san t-suidheachadh san taigh far a dh’ fhaodas a’ chlann a’ smaoineachadh air an darna chànan mar mion-chànan. Le bhith toirt a’ steach an darna chànan nas anmoiche, cha mhòr nach eil e a’ deanamh cinnteach gun smaoinich iad air mar mion-chànan nach eil àraidh air mòran oidhirp.
Air an làimh eile, san t-suidheachadh dà-chànanach san fharsaingeachd (m.e. teaghlach Turcach a tha a’ fuireach ann an Ameireaga), cha dean e cron idir a leigeil leis a’ chlann Beurla ionnsachadh beag air bheag gu nadurra. Cho fad sa dh’ fhuirich an teaghlach sna Staitean is gun teid na clann gu sgoil Ameireaganach, chan eil cunnart ann nach ionnsaich iad Beurla. Gu deimhinne, tha trioblaid nas cumanta ann leis an suideachadh dà-chànanach san fharsaingeachd far am bi a’ chlann a’ diùltadh cànan na taighe airson an cànan nas cudromaiche.

Tha mi fhìn is mo bhean a’ bruidhinn diofar chànan. Am bu chòir dhuinn bhruidhinn ris a’ chlann sa chànan againn fhìn a-mhain ma tha sinn airson ’s gum bi iad dà-chànanach?

Tha iomadh eòlaiche a’ moladh an dòigh ris an canar “aon chànan am pàrant” airson taigh dà-chànanach. ‘S e seo an dòigh far a bheil Mamaidh (no Mamma, no Mutti) a’ bruidhinn an cànan aice leis a’ chlann agus Dadaidh (no Papa no Vati) an cànan aige-san leotha. Steidhichidh seo deagh bhunait airson taigh dà-chànanch soirbheachail, ach chan eil seo an aon dòigh a-mhain. Agus dh’fhaodadh rudan a dhol ceàrr fiù ’s le “aon chànan am pàrant”.

Dè na duilgheadasan a bhios ann leis a’ ghleus “aon chànan am pàrant”?

‘S e cothromachadh aon dhe na duilgheadasan a dh’fhaodadh a bhith ann. Feumaidh a’ chlann an dà chànan a chluinntinn gu tric ‘s ann an iomadh suidheachadh. Mura bi iad a’ cluinntinn an cànan “nas lugha” ach bho aon phàrant, ‘s dòcha nach bi gu leòr dhen chànan mun cuairt orra gus a thogail gu nàdarra. Tha seo gu h-àraid fìor ma bhios an dà phàrant a’ tuigsinn an cànan “nas motha” agus a’ chlann a’ faireachdainn nach eil feum aca air an fhear “nas lugha”.
Ann an suidheachadh mar seo, tha e cudromach gum bi dòighean eile ann gus an cànan a chumail riutha agus feum air a’ chànan a chruthachadh. Faodaidh seanmhairean is seanairean aig nach eil ach an aon chànan a bhith glè fheumail! Saoil an iarr thu air seanair no seanmhair no babysitter aig a bheil an cànan an cànan sin a chumail riutha? A bheil bhideothan no tèipichean sgeulachd ann sa chànan? Faodaidh buaidh mhòr a bhith aig rudan mar seo – gu h-àraid air gleusan far am bi iad a’ bruidhinn ri daoine, seach a bhith dìreach a’ coimhead air an TV. Rinn sinne rudan mar sin nuair a bha ar clann òg gus an Eadailtis a bhrosnachadh ann an suidheachadh a bha cha mhòr gu tur làn Bheurla.
Feumaidh an suidheachadh a bhith nàdarra agus faodaidh seo a bhith na dhuilgheadas cuideachd. Ma tha a’ chlann a’ faireachdainn gu bheilear a’ sparradh rudeigin neònach no nàireach orra, ‘s dòcha gun seas iad na aghaidh. Faodaidh riaghailtean sònraichte – can aon chànan air làithean sònraichte na seachdain agus an cànan eile air làithean eile – a bhith doirbh cumail ri agus faodaidh iad droch bheachdan adhbharrachadh.
Faodaidh dùnadh a-mach a bhith na dhuilgheadas cuideachd. Mur a h-eil an cànan eile aig aon phàrant (can mur a h-eil bean Albannach a’ tuigsinn Turcais), bidh fios aig a’ chlann gum bi iad a’ dùnadh a-mach am màthair às a’ chòmhradh gach turas a bhruidhneas iad Turcais ris an athair. Faodaidh gum fàs a’ chlann mì-thogarrach an cànan sin a bhruidhinn nuair a bhios an dà phàrant an làthair. Fhad ‘s fhios dhuinne, bidh taigh dà-chànanch nas buailtiche air soirbheachas ma tha an dà chànan air a’ tuigsinn le gach pàrant aig a’ char as lugha. Leis an dòigh seo, cha tèid aon seach aon dhiubh a dhùnadh a-mach à còmhraidhean an teaghlaich.

Is dè mu dhèidhinn am bràithrean is peathraichean?

Faodaidh breith an dàrna chloinne cothromachadh nan cànan san dachaidh a chur tro chèile. Tha e gu math cumanta nach bi an dàrna clann cho fileanta ‘s a tha a’ chiad chlann. Bidh a’ chiad chlann a’ bruidhinn dhan dàrna chlann san chànan “nas motha” mar is trice agus mar sin, cluinnidh an dàrna clann an cànan sin nas trice agus bidh nas lugha de dh’fheum aige no aice an cànan “nas lugha” a thogail. Smaoinich mu dhèidhinn seo agus dean nas urrainn dhut mu dhèidhinn ro làimh. Cuir plana ri chèile a bhios freagarrach san t-suidheachadh agad. Faodaidh e a bhith feumail iarraidh air a’ chlann nas sine taic a thoirt dhan chànan “nas lugha” san dachaigh.

B’ àbhaist dha mo chlann a’ bhith a’ bruidhinn ar cànan gu sùbailte ach a-nis, bhon a tha iad a’ dol dhan sgoil, tha a’ Bheurla a’ nochdadh fad na tìde. Dè nì mi?

Gabh do shocair. Tha measgachadh cànain gu math cumanta far a bheil barrachd na aon chànan ann. Chan eil e ciallachadh gun do dhìochuimhnich a’ chlann aon dhiubh no nach urrainn dhaibh an dà chànan a chumail bho chèile tuilleadh. Ma chàineas tu iad nuair a bhruidhneas iad Beurla, faodaidh seo droch bheachdan adhbharrachadh mu chànan an taighe agus faodaidh rudan fàs nas miosa an cois sin. Tha e nas fheàrr suidheachaidheadh a chruthachadh far a bhios feum aig a’ chlann air a’ chànan sin – mar na seanairean is seanmhairean aon-chànanach air an tug sinn iomradh roimhe!
Tuigidh tu an seòrsa de mheasgachadh cànain seo ma chuimhnicheas tu gu bheil e cudromach do thogail cànain gum bi an cànan mun cuairt air a’ chlann. Nuair a bha do chlann òg, ‘s dòcha gun robh iad a’ cluinntinn barrachd de chànan an taighe – can Sìnis – an coimeas ri Beurla. Tha iad a’ dol dhan sgoil a-nis agus tha a’ Bheurla riutha fad an latha agus tha iad ag ionnsachadh torr fhaclan ùra agus dòighean ùra airson a chleachdadh – ach ann am Beurla a-mhàin. ‘S mathaid nach bi fios aca air an t-Sìnis air “notebook” no “social studies” no” principal”. Nuair a chleachdas iad facal Beurla ann an abairt Shìnis, innis dhaibh dè am facal Sìnis seach a bhith fo chùram mu chall cànan an taighe. Cuimhnich gum faod iad a bhith gu math fileanta fhathast ann an Sìnis, fiù ’s ma bhios a’ Bheurla na chànan nas làidire aca.

Fiosrachadh eile:

Baker, Colin. 1995. A Parents’ and Teachers’ Guide to Bilingualism. Multilingual Matters.

Grosjean, François. 1982. Life with Two Languages. Harvard University Press.

Harding-Esch, Edith, and Philip Riley. 2003. The Bilingual Family: A Handbook for Parents. 2nd edition. Cambridge University Press.

+++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++

Móran Taing to Catríona Gibb, University of Edinburgh, for help updating this translation.