A’ cumail taic ri cloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig le mi-rianan cànain. An tèid agaibh air cuideachadh?

Tha pròiseact rannsachaidh ùr a’ dol an-dràsta aig Oilthigh Dhùn Èideann a tha ag amas air goireasan measaidh a chruthachadh a chuidicheas tidsearan agus leasaichean cànain is cainnt (SLTs) ann a bhith a’ tomhas na sgilean cànain aig clann a tha am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG).  ’S e bhith a’ cruthachadh goireasan a bheireas taic do chloinn le mi-rianan cànain ann am FTMG amas fad-ùine a’ phròiseact.

Bu chòir cuimhneachadh nach eil a bhith a’ cleachdadh barrachd is aon chànan le do phàiste ag adhbharachadh mi-rianan le cànan is cainnt.  Ma ’s e ’s gu bheilear a’ measadh no a’ toirt seachad cobhair do phàiste a tha dà-chànanach, tha e cudromach gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air, agus spèis a thoirt seachad dhan dà chànan.

Tha e cudromach cuideachd a bhith mothachail air: an aois anns an do thòisich iad a’ cluinntinn agus ag ionnsachadh gach cànan, dè cho tric ’s tha iad a’ cluinntinn gach cànan, inbhe gach cànan, an co-theacsa anns am bi iad a’ cluinntinn ’s a’ cleachdadh gach cànan agus a bhuaidh a th’aig na cànain air gach-a-chèile, a bharrachd air aois na cloinne.

Dhearbh sgrùdadh gu bheil trioblaidean le cànan no cainnt aig 18% den fheadhainn aig a bheil feuman taice a bharrachd (ASN) am FTMG (MacLullich, 2014).  Tha iomadach goireas ann airson sgilean cànain na cloinne seo a mheasadh ann am Beurla, ach tha gainnead ann de stuthan ann an Gàidhlig.  Tha an rannsachadh seo ag amas air stuthan measaidh a chruthachadh a tha: coimeasach ri stuthan a tha ri fhaotainn ann am Beurla; a tha mothachail air Gràmar na Gàidhlig, agus a tha a’ gabhail a-staigh eòlais na cloinne air na cànain aca san fharsaingeachd.

Tha e cudromach cuideachd gum bi fiosrachadh againn air mar a tha clann ag ionnsachadh cànan airson coimeas a dhèanamh air sgilean na cloinne an taca ri sgilean feadhainn eile den aon aois. Gu ruige seo, chan eil ach glè bheag a dh’fhiosrachadh ri fhaotainn air mar a clann le Gàidhlig agus Beurla ag ionnsachadh na cànain aca agus cuin a tha iad ag ionnsachadh faclan sònraichte.  Mar sin, tha sinn air suirbhidh a chruthachadh anns an tèid iarraidh air inbhich le Gàidhlig na Glùine beachd a thoirt seachad mun suathadh a fhuair iad ris a’ Ghàidhlig, dealbhan ainmeachadh, beachd a thoirt seachad a bheil iad freagarrach do chloinn ann am FTMG, agus smaoineachadh air an aois a bha iad nuair a dh’ionnsaich cuid a dh’fhaclan.

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith gabhail pàirt, leanaibh an ceangal seo: https://edinburgh.eu.qualtrics.com/jfe/form/SV_a923rXI4VhqlNEp

No cuiribh fios gu: morna.butcher@ed.ac.uk

Bu chòir gun toir seo mu 3 uairean an uaireadair, agus thèid £15 de dh’earlasan Amazon a thabhann dhuibh ma ghabhas sibh pàirt.

Fhuaireas taic o Bhòrd na Gàidhlig airson an rannsachaidh seo.

This post is also available in English

Speak Your Mind